Gabhaidh Dèan Stòiridh a chluich air a’ bhlàr a-muigh cuideachd!
Stad mionaid nuair a bhios tu a-muigh agus seall air na tha timcheall ort – anns a’ ghàrradh, anns a’
phàirc, air an t-sràid, no air an lot.
Lorg agus ainmich 9 rudan no barrachd as urrainn dhut fhighe a-steach do stòiridh.
Ma tha e doirbh dhut cuimhneachadh air na nithean gu lèir, tog dealbhan dhiubh le fòn agus
coimhead air na dealbhan airson cuideachadh.
Tòisich leis a’ chiad rud a ghlacas d’ aire.
Tòisich an sgeulachd le ‘Uair a bha siud’.
Feuch gun cleachd thu buadhairean agus co-ghnìomhairean gus an stòiridh a dhèanamh nas
inntinniche.
Smaoinich mu bhith a’ tòiseachadh gach seantans ann an dòigh eadar-dhealaichte.
Cuimhnich gun cuir thu crìoch air an stòiridh.