Tha Sinn a’ Dol a Shireadh Mathan

We’re going on a bear-hunt book cover (Gaelic language version)

Air ath-innse le Michael Rosen

Dealbhan le Helen Oxenbury

Air a leughadh le Tony Kearney

Tha sinn a’ dol a shireadh mathan.
Glacaidh sinn fear mòr.
Abair latha brèagha!
Chan eil eagal oirnn.

Uh-uh! Feur!
Feur fada, luaisgeanach.
Chan fhaigh sinn thairis air.
Chan fhaigh sinn fodha.
Obh obh!
Feumaidh sinn a dhol troimhe!

Suis suais!
Suis suais!
Suis suais!

Tha sinn a’ dol a shireadh mathan.
Glacaidh sinn fear mòr.
Abair latha brèagha!
Chan eil eagal oirnn.

Uh-uh! Abhainn!
Abhainn fhuar, dhomhainn.
Chan fhaigh sinn thairis oirre.
Chan fhaigh sinn foidhpe.
Obh obh!
Feumaidh sinn a dhol troimhpe!

Splis splais!
Splis splais!
Splis splais!

Tha sinn a’ dol a shireadh mathan.
Glacaidh sinn fear mòr.
Abair latha brèagha!
Chan eil eagal oirnn.

Uh-uh! Poll!
Poll tiugh, leantaileach.
Chan fhaigh sinn thairis air.
Chan fhaigh sinn fodha.
Obh obh!
Feumaidh sinn a dhol troimhe!

Splaidse spoidse!
Splaidse spoidse!
Splaidse spoidse!

Tha sinn a’ dol a shireadh mathan.
Glacaidh sinn fear mòr.
Abair latha brèagha!
Chan eil eagal oirnn.

Uh-uh! Coille!
Coille mhòr, dhorcha.
Chan fhaigh sinn thairis oirre.
Chan fhaigh sinn foidhpe.
Obh obh!
Feumaidh sinn a dhol troimhpe!

Tuisleadh tuiteam!
Tuisleadh tuiteam!
Tuisleadh tuiteam!

Tha sinn a’ dol a shireadh mathan.
Glacaidh sinn fear mòr.
Abair latha brèagha!
Chan eil eagal oirnn.

Uh-uh! Sneachda!
Sneachda soillseach, snìomhach.
Chan fhaigh sinn thairis air.
Chan fhaigh sinn fodha.
Obh obh!
Feumaidh sinn a dhol troimhe!

bhù!
bhù!
bhù!

Tha sinn a’ dol a shireadh mathan.
Glacaidh sinn fear mòr.
Abair latha brèagha!
Chan eil eagal oirnn.

Uh-uh! Uaimh!
Uaimh chaol, dhubharach.
Chan fhaigh sinn thairis oirre.
Chan fhaigh sinn foidhpe.
Obh obh!
Feumaidh sinn a dhol troimhpe!

Uidh air n-uidh!
Uidh air n-uidh!
Uidh air n-uidh!
THA SIN?

Sròn ghleansach, fhliuch!
chluais mhòr, mholach!
shùil mhòr, chruinn!
’S E MATHAN A TH’ ANN!

Cho luath ’s a th’ agaibh! Air ais tron uaimh!
Uidh air n-uidh! Uidh air n-uidh!

Air ais tron t-sneachda!
bhù! bhù!

Air ais tron choille!
Tuisleadh tuiteam! Tuisleadh tuiteam!

Air ais tron pholl!
Splaidse sploidse! Splaidse sploidse!

Air ais tron abhainn!
Splis splais! Splis splais!

Air ais tron fheur!
Suis suais! Suis suais!

Chun an dorais-aghaidh.
Fosgail an doras.
Suas an staidhre.

Obh obh!
Cha do dhùin sinn an doras.
Sìos an staidhre a-rithist.

Duin an doras.
Suas an staidhre a-rithist.
A-steach dhan rùm-cadail.

A-steach dhan leabaidh.
A-steach fo na plaideachan.

Cha tèid sinn a shireadh mathan a-rithist.

bear tracks
the bear