Download all song MP3s (zip file):
Download all song lyrics (pdf):
Timcheall a’ gharraidh
Chaidh am mathan mòr
Aon cheum dà cheum
Diogladh gu leòr
Tha cuibhlichean a’ bhus a’ dol car, car, car
Car, car, car, car, car, car,
Tha cuibhlichean a’ bhus a’ dol car, car, car,
Fad an latha
(Seinn a-rithist ach atharraich gu)
Tha an dùdan air a’ bhus a’ dol bip, bip, bip …
Tha a’ ghlag air a’ bhus a’ dol ding-a-ling-a-ling…
Tha na wipers air a’ bhus a’ dol suis, suis, suis…
Tha an doras air a’ bhus a’ dol a-mach ’s a-steach…
Tha na daoine air a’ bhus a’ dol suas is sios…
(A-rithist)
Tha cuibhlichean a’ bhus a’ dol car, car, car
Car, car, car, car, car, car,
Tha cuibhlichean a’ bhus a’ dol car, car, car,
Fad an latha
Iomair iomair iomair am bàta socair sìos an sruth
Tha sinn sona sona sona
Tha sinn sona an-diugh
Iomair iomair iomair am bàta socair sìos an sruth
’s ma chì sibh crogall mòr cuimhnich gun dèan sibh fuaim
Aaaaaaagh!
Tog, tog, tog an caisteal (x 3)
Aon ’s dhà ’s trì
Leag, leag, leag an caisteal (x 3)
Aon ’s dhà ’s trì
Ma tha thu toilichte an-diugh buail do làmh
Ma tha thu toilichte an-diugh buail do làmh
Ma tha thu toilichte an-diugh feumaidh tusa innse dhomh
Ma tha thu toilichte an-diugh buail do làmh
Ma tha thu toilichte an-diugh breab do chas
Ma tha thu toilichte an-diugh breab do chas
Ma tha thu toilichte an-diugh feumaidh tusa innse dhomh
Ma tha thu toilichte an-diugh breab do chas
Ma tha thu toilichte an-diugh crath do cheann
Ma tha thu toilichte an-diugh crath do cheann
Ma tha thu toilichte an-diugh feumaidh tusa innse dhomh
Ma tha thu toilichte an-diugh crath do cheann
Tha Bob a’ bualadh le aon òrd, aon òrd, aon òrd,
tha Bob a’ bualadh le aon òrd fad an latha.
Tha Bob a’ bualadh le da òrd, da òrd, da òrd,
tha Bob a’ bualadh le da òrd fad an latha.
Tha Bob a’ bualadh le trì ùird, trì ùird, trì ùird,
tha Bob a’ bualadh le trì ùird fad an latha.
Tha Bob a’ bualadh le ceithir ùird, ceithir ùird, ceithir ùird,
tha Bob a’ bualadh le ceithir ùird fad an latha.
Tha aon losgann a’ leumadaich,
a’ leumadaich, a’ leumadaich
Tha aon losgann a’ leumadaich
Suas, suas, suas
Tha dà losgann a’ leumadaich,
a’ leumadaich, a’ leumadaich
Tha dà losgann a’ leumadaich
Suas, suas, suas
Tha trì losgannan a’ leumadaich,
a’ leumadaich, a’ leumadaich
Tha trì losgannan a’ leumadaich
Suas, suas, suas
Tha ceithir losgannan a’ leumadaich,
a’ leumadaich, a’ leumadaich
Tha ceithir losgannan a’ leumadaich
Suas, suas, suas
Tha còig losgannan a’ leumadaich,
a’ leumadaich, a’ leumadaich
Tha còig losgannan a’ leumadaich
Suas, suas, suas
Aon teadaidh air an leabaidh (x 3)
Seo a-nis fear eile
Dà theadaidh air an leabaidh (x 3)
Seo a-nis fear eile
Trì teadaidhean air an leabaidh (x 3)
Seo a-nis fear eile
Ceithir teadaidhean air an leabaidh (x 3)
Seo a-nis fear eile
Còig teadaidhean air an leabaidh (x 3)
Suas suas suas......
Càite bheil crogall?
Càite bheil thu?
Càite bheil Crogall?
Peek-a bu!
Càite bheil (ainm)?
Càite bheil thu?
Càite bheil (ainm)?
Peek-a bu!
Càite bheil a’ chlann?
Càite bheil iad?
Càite bheil a’ chlann?
Peek-a bu!
A-null ’s a-nall a-null ’s a-nall
suas ’s sios, suas ’s sios
air ais ’s air adhart, air ais ’s air adhart
Ni sinn seo a-rithist
A-null ’s a-nall a-null ’s a-nall
suas ’s sios, suas ’s sios
air ais ’s air adhart, air ais ’s air adhart
Abair gun rinn sibh math
Tha an t-ailbhean mòr a’ stampadh,
a’ stampadh, a’ stampadh
Tha an t-ailbhean mòr a’ stampadh,
stamp, stamp, stamp
Tha an tìgear ag èigheachd,
ag èigheachd ag èigheachd
Tha an tìgear ag èigheachd,
Ua-ua-ua
Tha an crogall uaine acrach,
acrach, acrach
Tha an crogall uaine acrach
Brag, brag, brag
Ceann, gualainn, glùinean, cas, glùinean, cas
Ceann, gualainn, glùinean, cas, glùinean, cas
Suilean cluasan sròn agus beul
Ceann, gualainn, glùinean, cas, glùinean, cas
Ceann, gualainn, glùinean, cas, glùinean, cas
Sùil, sròn, cluais, cluais, beul
Sùil, sròn, cluais, cluais, beul
Sùil, sròn, cluais, cluais, beul
Cluais, cluais, beul, sùil, sròn.
Uilleam Òrdag, Uilleam Òrdag Cà’ bheil thu?
Tha mi seo; tha mi seo; Ciamar a tha thu?
Calum Corrag, Calum Corrag Cà’ bheil thu?
Tha mi seo; tha mi seo; Ciamar a tha thu?
Màiri Fhada, Màiri Fhada Cà’ bheil thu?
Tha mi seo; tha mi seo; Ciamar a tha thu?
Mac an Aba, Mac an Aba Cà’ bheil thu?
Tha mi seo; tha mi seo; Ciamar a tha thu?
Lùdag bheag, Lùdag bheag Cà’ bheil thu?
Tha mi seo; tha mi seo; Ciamar a tha thu?
Corragan air fad, corragan air fad Cà bheil sibh?
Tha sinn seo, tha sinn seo; Ciamar a tha sibh?
Crathaidh mi mo làmhan
crathaidh mi mo làmhan,
crathaidh mi, is crathaidh mi
is crathaidh mi mo làmhan
Breabaidh mi mo chasan
breabaidh mi mo chasan
breabaidh mi, is breabaidh mi,
is breabaidh mi mo chasan
Buailidh mi mo bhoisean
buailidh mi mo bhoisean,
Buailidh mi is buailidh mi,
is buailidh mi mo bhoisean
Slaodaidh mi mo shròn
slaodaidh mi mo shròn
Slaodaidh mi, is slaodaidh mi,
is slaodaidh mi mo shròn
Dioglaidh mi do mhionach
dioglaidh mi do mhionach,
dioglaidh mi is dioglaidh mi,
is doiglaidh mi do mhionach
Cà’ bheil do shùilean,
do shùilean, do shùilean
Cà’ bheil do shùilean,
Seall! Seo iad
Cà’ bheil do shròin,
do shròin, do shròin
Cà’ bheil do shròin,
Seall! Seo i
Cà’ bheil do chluasan,
do chluasan, do chluasan?
Cà’ bheil do chluasan?
Seall! Seo iad
Cà’ bheil do bheul
do bheul, do bheul?
Cà’ bheil do bheul?
Seall! Seo e
Cà’ bheil do smiogaid
do smiogaid, do smiogaid?
Cà’ bheil do smiogaid?
Seall! Seo e
Duilleagan a’ tuiteam
A’ tuiteam, a’ tuiteam
Duilleagan a’ tuiteam
A’ tuiteam, sìos
Tha damhan-allaidh a’ dannsa
a’ dannsa, a’ dannsa
Tha damhan-allaidh a’ dannsa
a’ dannsa air an làr
Tha damhan-allaidh a’ dannsa
a’ dannsa, a’ dannsa
Tha damhan-allaidh a’ dannsa
a’ dannsa air do chas
Tha damhan-allaidh a’ dannsa
a’ dannsa, a’ dannsa
Tha damhan-allaidh a’ dannsa
a’ dannsa air do cheann
Dè ni sinn leis a’ bhèibidh bhòidheach
Dè ni sinn leis a’ bhèibidh bhòidheach
Dè ni sinn leis a’ bhèibidh bhòidheach
Tràth anns a’ mhadainn
Buail, buail, buail do bhoisean
Buail, Buail, Buail do bhoisean
Buail, Buail, Buail do bhoisean
Tràth anns a’ mhadainn
Suas, suas, suas dhan an adhar
Suas, suas, suas dhan adhar
Suas, suas, suas dhan adhar
Tràth anns a’ mhadainn
Diogail, Diogail, Diogail do mhionach
Diogail, Diogail, Diogail do mhionach
Diogail, Diogail, Diogail do mhionach
Tràth anns a’ mhadainn
Uisge a’ tuiteam sìos ....SPLAIS!
Uisge a’ tuiteam sìos .....SPLAIS!
Uisge a’ tuiteam, uisge a’ tuiteam
Uisge a’ tuiteam sìos ....... SPLAIS!
Tha sinn a’ dol suas is suas is suas
Tha sinn a’ dol sìos is sìos
Taobh gu taobh, taobh gu taobh
Taobh gu taobh, gu taobh
Tha sinn a’ dol suas is suas is suas
Tha sinn a’ dol sìos is sìos
Tha sinn a’ falbh dhan an sù an-dràsta
Tha sinn a’ falbh dhan an sù an-dràsta
Tha sinn a’ falbh dhan an sù an-dràsta
Saoil cò chì sinn ann?
Chì sinn ailbhean le sròn mhòr fhada
Chì sinn ailbhean le sròn mhòr fhada
Chì sinn ailbhean le sròn mhòr fhada
Aig an sù
Chì sinn sioraf le amhaich mhòr fhada
Chì sinn sioraf le amhaich mhòr fhada
Chì sinn sioraf le amhaich mhòr fhada
Suas gu h-àrd
Chì sinn leòmhann, ’s e cho fiadhaich
Chì sinn leòmhann, ’s e cho fiadhaich
Chì sinn leòmhann, ’s e cho fiadhaich
Ra-ar, ra-ar, ra-ar
Chì sinn nathair, ’s i cho eagalach
Chì sinn nathair, ’s i cho eagalach
Chì sinn nathair, ’s i cho eagalach
Ssss, ssss, sssss
Bidh cù ag ràdh uf, uf, uf (x3) Dè bhios piseag ag ràdh? Bidh piseag ag ràdh miau, miau, miau (x3) Dè bhios luch ag ràdh? Bidh luch ag ràdh, bìog bìog bìog (x3) Dè bhios bò ag ràdh? Bidh bò ag ràdh, mù, mù, mù (x3) Dè bhios tunnag ag ràdh? Bidh tunnag ag ràdh, uac, uac, uac (x3) Dè bhios muc ag ràdh? Bidh muc ag ràdh, oinc, oinc, oinc (x3) Dè bhios caora ag ràdh? Bidh caora ag ràdh, mè, mè, mè Se sin a bhios caora ag ràdh
Flùraichean is ròsan
A h-uile duine còmhla
A-tuisiu, a-tuisiu
A h-uile duine sìos
Tha sinne air an ùrlar
Tha h-uile duine còmhla
A-tuisiu, a-tuisiu
A h-uile duine suas
Cluinn an tàrnach
Cluinn an tàrnach
Èist, èist, èist
Èist, èist, èist
Seo an t-uisge a’ tighinn
Seo an t-uisge a’ tighinn
Bidh sinn fliuch
Bidh sinn fliuch
Diog-deog, diog-deog, diog-deog
Ruith an luchag bheag suas an gleoc
Nuair a bhuail an gleoc uair
Leum an luchag a-nuas
Diog-deog, diog-deog, diog deog
Buidhe uaine dearg agus pinc
Purpaidh is orains is liath
Dathan aig a’ bhogha-froise, aig bogha-froise,
Aig a’ bhogha-froise bhrèagha
Ròlaidh, pòlaidh, ròlaidh, pòlaidh,
Suas, suas, suas, suas
Ròlaidh, pòlaidh, ròlaidh, pòlaidh,
Sìos, sìos, sìos, sìos.
Ròlaidh, pòlaidh, ròlaidh, pòlaidh,
A-mach, a-mach, a-mach, a-mach
Ròlaidh, pòlaidh, ròlaidh, pòlaidh,
A-steach, a-steach, a-steach, a-steach.
Priob-priob priob-priob-rionnag bheag
Saoil a-nis cò thu no dè?
Àrd os cionn an t-saoghal gu lèir
’s tu mar ghrìogag anns an speur
Priob priob priob-priob rionnag bheag
Saoil a-nis cò thu no dè?
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
cadail còmhla riumsa, cadail còmhla riumsa
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
ssh, ssh, ssh
Seas an àirde agus leum còmhla riumsa
leum còmhla riumsa
leum còmhla riumsa
seas an àirde agus leum còmhla riumsa
leum, leum ,leum
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
cadail còmhla riumsa, cadail còmhla riumsa
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
ssh, ssh, ssh
Seas an àirde agus danns còmhla riumsa
danns còmhla riumsa
danns còmhla riumsa
Seas an àirde agus danns còmhla riumsa
danns, danns, danns
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
cadail còmhla riumsa, cadail còmhla riumsa
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
ssh, ssh, ssh
Seas an àirde agus danns còmhla riumsa
danns còmhla riumsa
danns còmhla riumsa
Seas an àirde agus danns còmhla riumsa
danns, danns, danns
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
cadail còmhla riumsa, cadail còmhla riumsa
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
ssh, ssh, ssh
Seas an àirde agus snàmh còmhla riumsa
snàmh còmhla riumsa
snàmh còmhla riumsa
seas an àirde agus snàmh còmhla riumsa
snàmh, snàmh, snàmh
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
cadail còmhla riumsa, cadail còmhla riumsa
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
ssh, ssh, ssh
Seas an àirde agus ruith còmhla riumsa
ruith còmhla riumsa , ruith còmhla riumsa
Seas an àirde agus ruith còmhla riumsa
Ruith, ruith, ruith
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
cadail còmhla riumsa, cadail còmhla riumsa
Laighe air an làr agus cadail còmhla riumsa
ssh, ssh, ssh
Tha bàta seòladh air a’ chuan
tha bàta seòladh air a’ chuan
tha bàta seòladh air a’ chuan
is Alasdair ga stiùireadh.
Thèid i chun an ear ‘s an iar
thèid i chun an ear ‘s an iar
thèid i chun an ear ‘s an iar
is Alasdair ga stiùireadh.
Tha Domhnall mòr a-staigh
Tha Domhnall mòr a-staigh
Hi-o-`s-ho-rin-o
Tha Domhnall mòr a-staigh
Tha Domhnall ag iarraidh bean,
Tha Domhnall ag iarraidh bean,
Tha Domhnall ag iarraidh bean,
Hi-o-`s-ho-rin-o
Tha a’ bhean ag iarraidh clann,
tha a’ bhean ag iarraidh clann,
Hi-o-`s-ho-rin-o
tha a’ bhean ag iarraidh clann.
Tha a’ chlann ag iarraidh nurs,
tha a’ chlann ag iarraidh nurs,
Hi-o-`s-ho-rin-o
tha a’ chlann ag iarraidh nurs.
Tha an nurs ag iarraidh cù,
tha an nurs ag iarraidh cù,
Hi-o-`s-ho-rin-o
tha an nurs ag iarraidh cù.
Tha an cù ag iarraidh cnàimh,
tha an cù ag iarraidh cnàimh,
Hi-o-`s-ho-rin-o
tha an cù ag iarraidh cnàimh.
Cha bhris sinn an cnàimh,
cha bhris sinn an cnàimh,
Hi-o-`s-ho-rin-o
cha bhris sinn an cnàimh.