Eachdraidh Mo Bhaile
Eachdraidh Mo Bhaile
Date
2022-08-23
Authors
Stòrlann
Journal Title
Journal ISSN
Volume Title
Publisher
Stòrlann
Abstract
Eachdraidh mo Bhaile, Gàidhlig, foghlam, Stòrlann
Description
Tha an goireas seo airson taic a thoirt do sgoiltean na sgilean Èisteachd is Labhairt, sgilean rannsachaidh
agus sgilean teicneòlais aig sgoilearan a chur an gnìomh. Tron rannsachadh gheibh a’ chlann eòlas air
pàirt de dh’eachdraidh agus cultar na sgìre.
’S e cothrom fìor mhath a tha seo do sgoilearan a’ Ghàidhlig aca a chleachdadh air taobh a-muigh
a’ chlas agus eòlas fhaighinn air luchd-labhairt na Gàidhlig anns an sgìre aca fhèin.
Le taic ’s dòcha bho Chomann Eachdraidh no Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, dh’fhaodadh na
h-agallamhan a bhith aghaidh ri aghaidh, air a’ fòn no thairis air an eadar-lìon. Bidh riaghailtean
diofraichte aig gach comhairle a rèir an teicneòlais a tha ceadaichte agus riaghailtean a thaobh
sàbhailteachd air an eadar-lìon, me, fònaichean-làimhe, Zoom, Skype ’s msaa.
Bhiodh taisbeanadh den fhiosrachadh a fhuair na sgoilearan tron rannsachadh, agus beachdan na cloinne
air na dh’ionnsaich iad, na dhòigh mhath air ceangalan a neartachadh leis a’ choimhearsnachd.
Tha na ceistean agus na dealbhan a tha an cois a’ phròiseact seo airson taic a thoirt do sgoilearan nuair
a tha iad a’ bruidhinn ri daoine anns a’ choimhearsnachd a tha nas sine. Bidh cuid de sgoilearan
comasach air na ceistean aca fhèin fhaighneachd cuideachd.
Tron chòmhradh gheibh a’ chlann tuigse air cò tha anns a’ choimhearsnachd air taobh a-muigh na sgoile,
agus eòlas air an sgìre anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Bidh tuigse nas fheàrr aca air mar a
tha ar beatha làitheil air atharrachadh tro na bliadhnaichean, a’ bhuaidh a th’ aig innealan agus
uidheamachd air ar beatha, agus cleachdaidhean a tha air a dhol à bith.