Eachdraidh Mo Bhaile

Abstract
Eachdraidh mo Bhaile, Gàidhlig, foghlam, Stòrlann
Description
Tha an goireas seo airson taic a thoirt do sgoiltean na sgilean Èisteachd is Labhairt, sgilean rannsachaidh agus sgilean teicneòlais aig sgoilearan a chur an gnìomh. Tron rannsachadh gheibh a’ chlann eòlas air pàirt de dh’eachdraidh agus cultar na sgìre. ’S e cothrom fìor mhath a tha seo do sgoilearan a’ Ghàidhlig aca a chleachdadh air taobh a-muigh a’ chlas agus eòlas fhaighinn air luchd-labhairt na Gàidhlig anns an sgìre aca fhèin. Le taic ’s dòcha bho Chomann Eachdraidh no Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, dh’fhaodadh na h-agallamhan a bhith aghaidh ri aghaidh, air a’ fòn no thairis air an eadar-lìon. Bidh riaghailtean diofraichte aig gach comhairle a rèir an teicneòlais a tha ceadaichte agus riaghailtean a thaobh sàbhailteachd air an eadar-lìon, me, fònaichean-làimhe, Zoom, Skype ’s msaa. Bhiodh taisbeanadh den fhiosrachadh a fhuair na sgoilearan tron rannsachadh, agus beachdan na cloinne air na dh’ionnsaich iad, na dhòigh mhath air ceangalan a neartachadh leis a’ choimhearsnachd. Tha na ceistean agus na dealbhan a tha an cois a’ phròiseact seo airson taic a thoirt do sgoilearan nuair a tha iad a’ bruidhinn ri daoine anns a’ choimhearsnachd a tha nas sine. Bidh cuid de sgoilearan comasach air na ceistean aca fhèin fhaighneachd cuideachd. Tron chòmhradh gheibh a’ chlann tuigse air cò tha anns a’ choimhearsnachd air taobh a-muigh na sgoile, agus eòlas air an sgìre anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Bidh tuigse nas fheàrr aca air mar a tha ar beatha làitheil air atharrachadh tro na bliadhnaichean, a’ bhuaidh a th’ aig innealan agus uidheamachd air ar beatha, agus cleachdaidhean a tha air a dhol à bith.
Keywords
Citation
Collections